letras.top
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

letra de oran a' chaiora - skipinnish

Loading...

nuair a chaidh sinn uile air bòrd innte
cha do chòrd i idir rinn;
cha robh cùisean idir dòigheil
oir bha ‘m bòsan air an dràm;
thug an sgiobair dhuinn an t-òrdugh
leigeil às gach ròp is ball
‘s thàinig poidhleat steach air bòrd innt’
‘s rinn i seòladh sìos an clyde

nuair a sheòl i mach à glaschu
air disathairne gu math tràth
chuir i cùrs air fearann shasainn
‘s leig sinn soraidh le gach àit’
‘s leig sinn soraidh le na h-eòlaich
bha gu brònach crathadh làmh;
‘s ged bu duilich b’ fheudar seòladh
‘s an ciaòra dol gu sàl

siud far an robh am bàta
tè na b’ fheàrr ann an droch uair
‘s ged a bha i coimhead grannda
‘s math a shnàmhadh i an cuan;
dol a-null an siar chuan mhòr leinn
bha ‘n ciaora ‘s i cho luath
‘s ceathrar innte bhalaich leòdhais
seòid na b’ fheàrr cha d’ dh’fhàg an cluaidh
o, thusa fhaoileig bhòidhich
tha ri seòladh os mo chionn
ma thadhlas tu dùthaich m’ eòlais
‘s e sin steòrnabhagh an leòdhas
dèan innse dhaibh gu bheil an ciaòra
seòladh aotrom bàrr nan tonn
‘s i ri dèanamh cùrsa dhìreach
air na tìrean fada thall

letras aleatórias

MAIS ACESSADOS

Loading...