letras.top
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

letra de baile chalanais - balach

Loading...

[verse 1]
dlùthadh air an dùthaich agam fhìn
am baile anns an d’ àrachadh mi
aig an doras fàgail dol-a-mach grànda is nàire

[verse 2]
chan eil e èibhinn, cor-inntinn èiginneach, cho dubh ‘s gu bheil mi dall
chan fhaic mi slighe air ais nis chun ama
nuair a bha mi moiteil ‘s nach robh mo ghuailnean cho teann
chan eil cuimhn’ agam a-nis robh an uair ud idir ann
[chorus 1]
mì-chofhurtail gun chomas-labhairt aig amannan ach ‘s e as fheàrr
na briathran suarach, facail thàireil
ann am buaireadh chan fhaic gàire
a’ greannachadh ‘s a’ goirteachadh
“nach sguir thu dhen sin air ball?”
atharraich mo dhòigh gun socraich an gleadhraich tha nam cheann
chan eil cuimhn’ agam a-nis robh an uair ud idir ann

[verse 3]
a’ dol mun cuairt man cù gun chiall
a leig a mhaighstear far an iall
a’ reubadh stiall bho stiall
gum faigh mi dhachaigh an tac an teine

[chorus 2]
carson nach suidh mi sàmhach gun a bhith a’ goirteachadh ach mi-fhìn?
riaraichte, chan fheumainn ach a bhith
am balach a thog mo mhàthair an duine bu chòir dhomhsa a bhith
tha mi cho sgìth, tha mi sgìth, tha mi sgìth

[chorus 1]
mì-chofhurtail gun chomas-labhairt aig amannan ach ‘s e as fheàrr
na briathran suarach, facail thàireil
ann am buaireadh chan fhaic gàire
a’ greannachadh ‘s a’ goirteachadh
“nach sguir thu dhen sin air ball?”
atharraich mo dhòigh gun socraich an gleadhraich tha nam cheann
chan eil cuimhn’ agam a-nis robh an uair ud idir ann
chan eil cuimhn’ agam a-nis robh an uair ud idir ann

letras aleatórias

MAIS ACESSADOS

Loading...