letras.top
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

letra de an innis igh - rankins

Loading...

(traditional)
seinn an duan so dhan innis àigh
an innis uaine as gile tràigh
bidh sian air uairean
a’ bagairt cruaidh ris
ach ‘s e mo luaidh-sa bhi ann a’ tàmh
càit’ an tràith’ an tig samhradh caomh?
càit’ an tràith’ a thig blàth air craobh
càit’ as bòidhche
‘s an seinn an smeòrach
air bhàrr nan ògan ‘s an innis àigh
tiugainn leam-sa chun na tràigh’
‘s an fheasgar chiùin-ghil aig àm an làin
is chi thu ‘m bòidhhead
‘s an liuthad seòrsa
de dhe’eoin tha còmhnuidh an innis àigh
an t-iasg as fiachaile dlùth do ‘n tràigh
is ann m’a chrìochan is miann leis tàmh
bidh gillean easgaidh
le dorgh is lìontan
moch, moch ‘g a iarraidh mu innis àigh
o, ‘s gearr an ùine gu’n teirig là
thig an oidhche ‘s gun iarr mi tàmh
mo chadal buan-sa
bidh e cho suaimhneach
ma bhios mo chluasag ‘s an innis àigh
seinn an duan so dhan innis àigh

letras aleatórias

MAIS ACESSADOS

Loading...