letra de trod - mànran
teann a-null ‘s na fuirich rium
bhon ‘s e mo dhiomb a choisinn thu
fuirich sàmhach air mo chùlaibh
sùgradh cha bhith nochd againn
latha dhomh ‘s mi agòl an drama
còmhla ri òigearan glana
ged a bha mo bheansa banail
‘s sgainnealach a throid i rium
labhair ise sin na briathran
“fàsaidh tu d’ shruthaire breugach
‘s eagal leam nach paigh thu d’ fhiachan
‘s e do ghnìomh tha coltach ris!”
“chan fhuiling mi bonn a d’ bheadradh
air moch no anmoch no feasgar
‘s fheàrr leat comunn nan stòb beaga
‘s thoill thu leasan goirt thoirt dhut!”
“thug thu òg do cheannas-cinnidh
do mhac an tòisich an gille;
bhon a rinn an t-òl do mhilleadh
ad mhire chan eil toirt agam!”
“’s olc an obair dhut bhith daonnan
a’ tighinn dhachaigh air an daoraich
cuiridh tu mise gu caoineadh
‘s dh’aognaich fear do choltais mi.”
“tha thu gun bhriogais, gun fhèileadh
‘s e air tolladh air do shlèisnean
‘s ciamar a nì mi dhut èideadh?
chuir thu fèin gu bochdainn mi.”
letras aleatórias
- letra de samples and shit - wale
- letra de life of a lover (remix) - theophilus london
- letra de baby you ain't nothing without me - karen young (disco)
- letra de ain't no doubt (someone's life) - dave dobbyn
- letra de perjalanan dalam musik rap - lakawa
- letra de the fighter (gym class heroes feat. ryan tedder tribute) - dream team
- letra de w▲ve - kiid crazee
- letra de cruise - pauly g
- letra de sleeping lessons (rac mix) - the shins
- letra de walk like an egyptian - the cleverlys