letra de laoidh na h-oidhche - kim carnie
tha grian is gealach is reultan
anns na speuran os ar cionn
‘s iad a’ soillseachadh a chruinne
‘s a seòladh loingeas thar tuinn
on dh’ òrdaich thu solus glèe-gheal
ni feum dhuinn’ anns an t-saoghal
biodh do shòlas rèidh dh’ ar n-anam
‘s tu fhèin a cheannaich saor sinn
ò hìl ò ribh ò (ò hìl ò ribh ò)
ò hìl ò ribh ò (ò hìl ò ribh ò)
ò a dhè na glòire (ò a dhè na glòire )
ò hìl ò ribh ò hò (ò hìl ò ribh ò hò)
tha mi faicinn a’ ghath ghil
teàrnadh o nèamh os mo cheann
solas uinneagach nam flaith
‘s fad tha mis’ am laigh’ ar leam
‘s fheàrr èirigh dh’ionnsaidh do shòlais
glòir ‘s onair thòirt dha chionn
don fhear a rinn grian san latha (don fhear a rinn grian san latha)
is gealach an àm laighe dhuinn (is gealach an àm laighe dhuinn)
ò hìl ò ribh ò (ò hìl ò ribh ò)
ò hìl ò ribh ò (ò hìl ò ribh ò)
ò a dhè na glòire (ò a dhè na glòire )
ò hìl ò ribh ò hò (ò hìl ò ribh ò hò)
an àm dol a laighe dhuinn
leagamaid ar glùn ri làr
‘g iarraidh mathanais gu dlùth
‘s na rinn sinn bhò thùs an là
cuireamaid cùl ris an t-saoghal
mun leag sinn ar taobh san leapa
gun fhios nach i uair a’ chunntais (gun fhios nach i uair a’ chunntais)
‘s faisge dhuinne na a’ mhadainn (‘s faisge dhuinne na a’ mhadainn)
ò hìl ò ribh ò (ò hìl ò ribh ò)
ò hìl ò ribh ò (ò hìl ò ribh ò)
ò a dhè na glòire (ò a dhè na glòire )
ò hìl ò ribh ò hò (ò hìl ò ribh ò hò)
ò hìl ò ribh ò (ò hìl ò ribh ò)
ò hìl ò ribh ò (ò hìl ò ribh ò)
ò a dhè na glòire (ò a dhè na glòire )
ò hìl ò ribh ò hò (ò hìl ò ribh ò hò)
mmmm
mmmm
mmmm
mmmm
letras aleatórias
- letra de amame - raphael
- letra de tonight (jay fay remix) - felix cartal
- letra de gargoyles - celo & abdi
- letra de entre in extremis et trop tard - ariel (qc)
- letra de i hung my head - blue highway
- letra de intro/there's something goin' on - the roots
- letra de amorcito corazón - paz court
- letra de no control - kisos
- letra de cooler couleur - crookers
- letra de noddyland - the orgone box