letra de marbhtach - gun ghaol
Loading...
“cànan marbh”, sin mar a chanas iad
oidhirp is airgead gun adhbhar air fad
cànan marbhtach nuair a tha i na mo làmhan
ciamar a nì thu magadh
nuair nach eil thu gam thuigsinn?
marbhtach
marbhtach
tha beatha gu leòr innte fhathast
a dh’aindeoin na tha na h-aineolaich ag ràdh
tha e doirbh dhut beachd a bhith agad
nuair nach eil fiù ‘s an cànan agad
marbhtach
marbhtach
tha fios a’m nach leugh thu seo
an oidhirp as lugha
ro thrang a’ sgrìobhadh
teachdaireachdan feargach air-loidhne
tha e a’ cur bròn orm mar a chaitheas tu d’ ùine
tha e mu dheidhinn shoidhnichean rathaid dhuibh uile
uill
am b’ urrainn do shoidhne seo a dhèanamh?
am b’ urrainn do shoidhne seo a dhèanamh?
obh obh
marbhtach
marbhtach
letras aleatórias
- letra de 1955 - billy cobb
- letra de vamos a la playa - bom bom
- letra de eskimo flow - asian da brat
- letra de letting go - juliane
- letra de brokenpeople. - cervon campbell
- letra de break out! break out! (acoustic) - all time low
- letra de boom - lucus
- letra de ahle del - amir khalvat
- letra de aloneinthewood - valiant (rus)
- letra de longdog - show of hands