![letras.top](https://letras.top/files/logo.png)
letra de dr. macphail's reel - cape breton song - capercaillie
‘s tim dhomh dol an ordugh
is teannadh ri òran
mu ‘n duine rinn an dobheart
bu choire dhuinn ‘aoireadh
nuair leig e’ n téin’ air fogradh
a mach air feadh nam frogaibh
‘s nuair chaidh e feadh na coinich
bha ‘n seo feadh an t-saoighail
chorus:
nach nar an sealladh e ‘s an eilean
smearsaid air feadh na beinne
pàirceannan chuir ‘n an téine
le coire chlann daoine
nach nar an sealladh e ‘s an eilean
smearsaid air feadh na beinne
pàirceannan chuir ‘n an téine
le coire chlann daoine
gur e dòmhnull raonuill
an uair sin bha ‘n a eigin
a teicheadh as a leine
ag eigheach ‘s a’ glaodhaich
anna ‘s i fo ghruaman
rannaidh an taobh shuas dhi
‘s thug alasdair as ruaig
mar gu ‘m bualach an caoch e
(chorus)
sin far an robh smuid
nuair a chaidh e ‘s an spruis dhluth
ghabh e mach air feadh a’ chùil
‘s gur e ‘n grudair a dhioghail
nuair loisgeadh air a’ phàirc
is a mhilleadh am buntata
ged theannadh iad ri bhathadh
cha b’ fheirrd iad an saothair
(chorus)
‘s tim dhomh dol an ordugh
is teannadh ri òran
letras aleatórias
- letra de sinungaling - slapshock
- letra de insanity - abysmer
- letra de 分裂時差 - 鞠婧禕
- letra de crashing waves - michael w. smith
- letra de not too late - moon taxi
- letra de violent - dave east
- letra de volúpia - johaine
- letra de the devil's disco - fandroid!
- letra de 霧の中 - mitsume
- letra de will you wait? - nebulamigo