letra de thug iad a thung thu - calum alex macmillan
gu dè ged dh’èireadh a’ ghrian
gu dè ged a ghoireadh na h-eòin?
ceòl fìdhle no pìoba cha dèan
dèan sugraidh dhomh dhùsgadh dham dheòin
thug iad a thung a’ bhradain ‘s a’ mhurain thu
thug iad a-null a dh’fhuireach, a lurain, thu;
a-null air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh
a-null air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh
gu dè ged a chinneadh mo bhàrr
lìonmhor ged dh’fhàsadh mo bhuar?
cha lìon is cha bhlàthaich siud d’ àit
às d’ eugmhais tha fàs falamh fuar
gur binne gu mòr leam do ghàir
na ‘n ceòl thig o chlàrsaich nan teud
na ‘n uiseag air moch mhadainn mhàigh
na chuthag ‘s gug-gug aic’ air gheug
chaoidh do cholainn na agradh an stàit
gu bhith leatha ‘s na blàiribh ri spòrs
mar nach biodh annad, a ghràidh
ach tàileasg len cluichear air bòrd
o sguiribh, luchd eanchainnean geur’
dheilbh lèir-sgrios a dh’oidhche ‘s a lò;
ur n-eagnaidheachd cuiribh gu feum
is fàgaibh mo bhalachan-sa beò
you might also like
letras aleatórias
- letra de 3. worst days - er legend
- letra de momentary - cactus ponchos
- letra de gt yr dghtr n th trnk f my cr - popparollz
- letra de tears (traduccion al español) - lil peep
- letra de como estan? - morad & trobi
- letra de reason [sirius xm radio session] - erasure
- letra de in for the kill - dee snider
- letra de 0 noção (demo) - mc zeca
- letra de remember - george mallin
- letra de text back - adlo