letra de fagail shiadair - calum alex macmillan
fàgail shiadair air mo chasan
thèid mi mhallaig air a’ bhat’
‘s bheir an treine sinn a ghlaschu
‘s gun dùil tighinn air ais gu bràth
cha bhi dùil am tilleadh tuille
ma thèid mi idir thar sàl
tha falt mo chinn dhomh ag innse
gu bheil mo thìde gu bhi ‘n àrd
chan fhaic mi na daoine chleachd mi
chan fhaic mi sgadan no bata
chan fhaic mi ann slige maoraich
‘s chan fhaic i faochag ann air tràigh
‘s chan fhaigh mi dubhan ann gu iasgach
‘s cha d’ thoir mi biathadh à tràigh
‘s chan fhaic mi either le seòl ann
rinn bi-beò a bh’ aig a’ bhàird
‘s ann a bhios mi measg nan craobhan
gach aon taobh dhiom iad ri fàs
‘s ged a dheanainn annta dìreadh
chan fhaic mi ‘n tìr seo nam bàrr
chan fhaicear leam eilean leòdhais
‘s chan fhaic mi ‘n t-siumpan na h-àirde
‘s chan fhaicear leam cladh na h-aoide
ged tha m’inntinn ann an sàs
far na dh’ fhàg mi leth mo chride
dh’ fhàg mi gille ann nach robh ceàrr
dh’ fhàg mi ‘n aisne bha nam thaobh ann
cnaimh bu dilse dhomh thar cach
dh’ fhàg mi aon ann de m’ fhiaclan
thug mi as mo bheul le cràdh
‘s e coltach gum biodh iomadh mile
eadar i ‘s far ‘n cuirear càch
you might also like
letras aleatórias
- letra de papel - willzi - ويلزي
- letra de вспышки (flashes) - yeahgoah
- letra de ben (ben bernanke demo) - lemon demon
- letra de blueballed with lyrics - pandemedley
- letra de lesh mestaghrib - ليش مستغرب - oumaima taleb - أميمة طالب
- letra de islas desiertas - casero
- letra de get me right - pingmas
- letra de venha o teu reino (ao vivo) - diante do trono
- letra de bluette - woran
- letra de grace will find you - legacy five