letras.top
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

letra de an iarran-mònach - calum alex macmillan

Loading...

tha ‘n iarran mònach air a spar
an dùil an thig e nuas gu bràth
a ghearradh mòine dhomh air blàr
a-measg an fhraoich sna tomanan

bha mi ‘n-dè sa sguab nam làmh
‘s mi toirt sgriob air glanadh làir
an uair a thug mi sùil an àrd
sann thòisich e ri bruidhinn rium

ghluais mi null is shuidh mi sios
‘s mi ‘n dùil gu robh mi as mo chiall
oir cò an duine chual a-riamh
an iarran mònach bruidhinn ris
thuirt e tha sinn mìos na màigh
an àm a b’ abhaist dhomh bhith ‘n sàs
a gearradh mòine dhut air blàr
a chumadh blàths gu h-earrach thu

a bheil thu ‘g ràdh g’ eil thu ro aosd
chan eil sin ach còmhradh faoin
tha mise ‘s tusa an co-aois
‘s a-riamh cha d’ fhiult mi gearradh dhut

na smaoinich thusa dhuine truagh
mar tha pris a’ ghual dol suas
mus pàigh thu ‘n ola chuain a’ tuath
nach truagh a bhios do sporran-sa

nuair a thig an geamhradh reoitht
bidh thusa dùinte na do chòt’
boinneag sileadh as do shròin
as d’ fhiacalan mòr ri snagadaich

dh’ fhalbh mi sin is sheas mi an àrd
is dh’innse mi dhàsan mar a bha
tha ‘n t-siataig air a thighinn nam làimh
‘s bhiodh tilgeil fàdan duilich dhomh

tha d’ obairs’ seachad gu math luath
cha dean thu rùdhain a chuir suas
na ‘s motha na sin cha dean thu cruach
‘s e ‘n obair cruaidh a th’ agamsa
you might also like
tha mi nise na mo dhùisg
o cha robh sin ach aisling faoin
ach chuir e m’ inntinn sa gu smaoin
‘m bu choir dhomh buain an ath-bhliadhna

letras aleatórias

MAIS ACESSADOS

Loading...