letras.top
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

letra de leisgeulan fann - balach

Loading...

[verse 1]
searradh amhaich am meadhan an earraich
ùr-bhreith nam ìnean
a’ siubhal air ite ‘s ag amharc le uaill
uan a-measg nan sìthean

[verse 2]
ri grìosadh an teine agam fhìn le mòine
connadh gus fuath a sgapadh mun cuairt
tha ‘n fhuachd ann a-nis, tha mo bhruadairean cho trom
gun fuath do dhuin’ ach mi-fhìn
[chorus]
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h-èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co-dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?

[verse 3]
fuil is fallas, dùil ri gamhlas
drùidhte bha na sìtheanan
dòrtadh gu socair, na boinneagan blàth
an tiodhlac bha nam ìnean

[verse 4]
le samhradh cha tàinig blàths man a b’ àbhaist
ach futhar is bruthainneachd chruaidh
thàinig sgòthan a rabhadh uisg’ a rinn bàthadh
ach nach mùchadh an nàire nam ghruaidh

[chorus}
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h-èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co-dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[instrumental]

letras aleatórias

MAIS ACESSADOS

Loading...