
letra de air do shocair, a mhòrag - balach
[verse 1]
air do shocair, a mhòrag
tha am fear ud agad na do phòcaid
dh’fhidir e na bh’ agad mu do chasan:
“an e siud a th’ aca anns an fhasan?”
[verse 2]
is cha b’ e na bh’ agad mu do chasan
san eaglais madainn na sàbaid
a dh’fhàg esan cho sàmhach
nochd fear eile is thusa fo ghàirdean
[verse 3]
cha robh guth aige ri ràdh dhut
nach ann aige a tha liut
air sùgradh agus mànran:
“‘s fheàrr leamsa nighean le ‘fake-tan'”
[chorus]
gu dè tha na do cheann
is gad fhàgail cho buileach fiadhaich?
a bheil thu às do chiall?
cha do ghoirtich aodach duine a-riamh
leanabail, loma-làn
de leisgeulan is bhreugan grànda
mun dòigh sa bheil i ceàrr
a bheil thu faireachdainn nas fheàrr?
[verse 4]
“an cuala duine guth bho mhàiri?
bha i fiadhaich ‘s a’ sabaid ri a nàbaidh
steach leis an deoch às leis a’ chiall
mar sin bha na daoine ud bho riamh.”
[verse 5]
“cà’ robh ceit? a’ cadal na leabaidh?
abair cadal bha dithis aca air an ‘settee’
tà, chan eil taobh aice ach ri dadaidh
co-dhiù b’ ann mar sin a chuala mise i.”
[chorus]
gu dè tha na do cheann
is gad fhàgail cho buileach fiadhaich?
a bheil thu às do chiall?
cha do ghoirtich aodach duine a-riamh
leanabail, loma-làn
de leisgeulan is bhreugan grànda
mun dòigh sa bheil i ceàrr
a bheil thu faireachdainn nas fheàrr?
[post-chorus}
a’ sgeith nam breugan gun diù a’ choin
a’ milleadh beatha neo-chiontach gun ghuth air a’ chron
a nì e air nighean
a nì e air beatha
a’ nighe nàire bhuat fhèin le gràine
[bridge]
air do shocair, a mhòrag
tha am fear ud agad na do phòcaid
air do shocair, a mhòrag
air do shocair, a mhòrag
[chorus]
gu dè tha na do cheann
is gad fhàgail cho buileach fiadhaich?
a bheil thu às do chiall?
cha do ghoirtich aodach duine a-riamh
leanabail, loma-làn
de leisgeulan is bhreugan grànda
mun dòigh sa bheil i ceàrr
a bheil thu faireachdainn nas fheàrr?
letras aleatórias
- letra de como se não bastasse - fili boy
- letra de pull up - lil mouse
- letra de wonderful people (manhunter remix) - q and not u
- letra de psychosocial (live at madison square garden - 2/5/2009) - slipknot
- letra de take flight - the season (us)
- letra de cruisin' - sev nasty
- letra de i changed my mind (stereo mcs remix) - lyrics born
- letra de out loud - fink
- letra de jamais dompté - richard séguin
- letra de 49ers * - feltzpreviewscovers